Boireannaich ann an saidheans ann an Alba

Boireannaich ann an saidheans ann an Alba.

Mar Acadamaidh Nàiseanta na h-Alba, tha an RSE moiteil gu bheil cuid de na ceannardan, luchd-smaoineachaidh agus cleachdaichean as tàlantaiche a tha ag obair ann an Alba san latha an-diugh am measg a’ Chaidreachais.

Women in Science in Scotland Exhibition collage
Dealbhan le Ian Georgeson Photography

Air a chur air bhog Dimàirt 16 Giblean 2019, chaidh an taisbeanadh a shealltainn ann am prìomh ionad-fàilte togalach RSE mus do ghluais e gu Leabharlann Mitchell ann an Glaschu. Tha e a’ cur fòcas air agus a’ comharrachadh cuid de na boireannaich-saidheans air leth a tha sa Chaidreachas.

Faic an taisbeanadh

Coinnich ri boireannaich na h-Alba ann an saidheans

  • An Dr Deborah A. O’Neil

    Bidh mi a’ cruthachadh chungaidhean-leigheis ùra airson galaran a tha nan cunnartan do bheatha agus a tha a’ giorrachadh beatha dhaoine. Tha iad seo nan galaran ain-teasach, analachaidh agus gabhaltach air adhbharachadh le bacteria, fungasan agus bhìorasan cuideachd. Tha mi nam Cheannard agus nam Oifigear Saidheansail aig NovaBiotics Ltd, a’ chompanaidh a stèidhich mi ann […]

    Read More
  • An Dr Silvia Paracchini

    Nuair a thàinig an t-àm airson a bhith a’ taghadh dè an cuspair a dhèanainn san oilthigh, bha mi cho neo-chinnteach is gun do dh’fhaighnich mi dhiom fhìn aon latha dè an aon rud a bha e a’ còrdadh rium ionnsachadh mu dheidhinn. B’ e an fhreagairt agam deuchainnean Gregor Mendel, a tha air am […]

    Read More
  • An t-Àrd-ollamh Becky Lunn

    Tha sileadh calcite air adhbharachadh gu maicreobach (MICP – microbially induced calicte precipitation) na dhòigh-obrach a bhios a’ cleachdadh bacterium neo-chroineil a lorgar ann an ùir gus am mèinnear calcium carbonat a chruthachadh. Bidh am mèinnear seo a’ ceangal nam mìrean talmhainn ri chèile, a’ dèanamh creig de dh’ùir sgaoilte, agus mar sin tha e […]

    Read More
  • An t-Àrd-ollamh Cait MacPhee

    Chan eil ann an nithean bith-eòlach ach stuth agus feumaidh stuth cumail ri laghan fiosaigs. Tha sinn a’ feuchainn ri fiosaig siostaman bith-eòlasach a thuigsinn, feuch an urrainn dhuinn giùlan stuth bith-eòlasach a sgrùdadh agus ro-innse a dhèanamh air seo stèidhichte air prionnsapalan fiosaig. Gu sònraichte, bidh mi a’ feuchainn ri tuigsinn mar a bhios […]

    Read More
  • An t-Àrd-ollamh Catherine Heymans

    Chaidh Maighstireachd ann an Reul-fiosaig ann an Dùn Èideann a leantainn gu dlùth le PhD ann an Oilthigh Oxford agus Caidreachasan iar-dhotaireil sa Ghearmailt, Canada agus san Fhraing, a’ tilleadh a Dhùn Èideann gus gabhail san Dàmh mar Chompanach Comhairle Rannsachaidh na h-Eòrpa. ’S e an speisealachadh agam a bhith a’ coimhead air taobh dorcha […]

    Read More
  • An t-Àrd-ollamh Dame Anna Dominiczak

    Tha mi nam Neach-saidheans Clionaigeach – nam neach-saidheans agus nam dhotair. Mar oileanach meidigeach san treas bliadhna ann an Gdansk, cho-dhùin mi gun robh mi airson a bhith nam dhotair ach gun robh mi cuideachd airson rudeigin ùr a thoirt a-steach gu dotaireachd agus mar sin a bhith ag ionnsachadh a bhith nam neach-saidheans agus […]

    Read More
  • An t-Àrd-Ollamh Dame Anne Glover

    Cha deach againn air teleportadh a dhèanamh le neach fhathast, ach chaidh againn air photon a chur bho seo gu Fàsach Gobi agus ’s e toiseach tòiseachaidh a tha sin. Seo fear de na rudan a thug orm a bhith ag iarraidh a bhith nam neach-saidheans. Bha e do-chreidsinneach gum b’ urrainn dhut do bheatha […]

    Read More
  • An t-Àrd-ollamh Dame Jocelyn Bell Burnell

    A’ fàs suas ann an Èirinn a Tuath, gheall mo phàrantan dhomh gum biodh cothrom agam saidheans a dhèanamh nuair a rachainn dhan àrd-sgoil. Nuair a thill mi dhachaigh sa chiad sheachdain den àrd-sgoil, gus innse dhaibh gun robh an sgoil air mo chur gu clas còcaireachd leis gur e nighean a bh’ annam agus […]

    Read More
  • An t-Àrd-ollamh Dame Sue Black

    Tha e doirbh do na poilis sgrùdadh a dhèanamh air bàs mura h-eil iad fhios aca air ainm an neach a chaochail. Dh’fhaodte gu bheil am bàs air tachairt o chionn ghoirid, is dòcha ann an tachartas far an do chaochail mòran daoine, no dh’fhaodte gu bheil sinn a’ dèanamh sgrùdadh air dòrlach de chnàmhan […]

    Read More
  • An t-Àrd-olamh Eva Hevia

    Bidh sinn a’ cur cuideam sònraichte air structaran nan iom-obraichean (reagents) a tha a dhìth gus cothrom fhaighinn air na moileciuilean cudromach sin, gus tuigse meacanaigeach nas fheàrr fhaighinn gus an gabh ro-innleachdan sinteataig reusanta a dhealbhadh san àm ri teachd. Tha a bhith a’ sireadh seasmhachd na bhunait dhan rannsachadh againn, agus tha cuid […]

    Read More
  • An t-Àrd-ollamh Hilary Critchley

    Tha mi ag obair ann an raon tabù a thaobh dhuilgheadasan fuil-mìos, suidheachaidhean a bheir buaidh mhòr air càileachd beatha, gu sònraichte dhan neach fa leth, dhan teaghlach aice, dhan àite-obrach aice agus dhan chomann-shòisealta san fharsaingeachd. Chan eil fhios agam fhathast carson a bhios fuil-mìos aig boireannaich agus carson a tha duilgheadasan ann le […]

    Read More
  • An t-Àrd-ollamh Ineke DeMoortel

    Rinn mi sgrùdadh air Matamataig Gnìomhaichte agus Reul-eòlas aig an KU Leuven sa Bheilg agus sa bhliadhna mu dheireadh agam, rinn mi iomlaid Erasmus gu Cill Rìmhinn far an do thog mi ùidh ann am Fiosaigs na Grèine. Thill mi gu Cill Rìmhinn gus mo PhD a dhèanamh agus tha mi fhathast ag obair ann, […]

    Read More
  • An t-Àrd-ollamh Karen Faulds

    Le Raman bithear a’ cur solas leusair air moileciuil, a’ ciallachadh gu bheil an solas air a sgapadh le atharrachadh ann an tonn-fhad a tha co-cheangailte ri structar nam moileciuilean, a’ toirt seachad lorgan-meòir moileciuil a ghabhas cleachdadh airson aithneachadh cinnteach. Ach, is e pròiseas lag a th’ ann an Raman a ghabhas a leasachadh […]

    Read More
  • An t-Àrd-ollamh Lesley Yellowlees

    Tha mi air mo chùrsa-obrach acadaimigeach air fad a thoirt seachad ann an Oilthigh Dhùn Èideann. Às dèidh dhomh ceumnachadh bha mi ag obair ann an Astràilia, agus sin far an do ghabh mi ùidh an toiseach ann an cumhachd na grèine. Thill mi an uair sin don Oilthigh gus PhD a dhèanamh air mar […]

    Read More
  • An t-Àrd-ollamh Louise Heathwaite

    Tha ùidh mhòr agam ann am mar a tha cùisean ag obair, agus is toil leam a bhith ag obair gu neo-eisimeileach, agus mar sin cha robh dreuchd sam bith eile ann dhomh ach a bhith nam neach-rannsachaidh. Is toil leam e nuair a bhios saidheans feumail, agus nuair a thòisich mi air mo PhD […]

    Read More
  • An t-Àrd-ollamh Mandy MacLean

    Thug mo chuid rannsachaidh do na Stàitean Aonaichte agus do Chambridge mi. Bidh mi a-nis a’ dèanamh rannsachadh air os-theanntachd sgamhain, galar sgamhain a tha air adhbharachadh le dùnadh cuislean nan sgamhanan. Is e galar marbhtach a th’ ann agus chan eil leigheas sam bith ann air a shon. Tha e a’ toirt buaidh gu […]

    Read More
  • An t-Àrd-ollamh Mercedes Maroto-Valer

    Tha an rannsachadh agam ag amas air dèiligeadh ri dùbhlain chruinneil gus dèanamh cinnteach gu bheil seasmhachd ghoireasan agus lùths ann. Tha mi a’ stiùireadh ionad eadar-nàiseanta le còrr is 50 luchd-rannsachaidh ag obair aig an eadar-aghaidh eadar saidheans agus innleadaireachd airson fuasglaidhean carboin a chleachdadh nas fharsainge. Ag obair le mòran chom-pàirtichean gnìomhachais agus […]

    Read More
  • An t-Àrd-ollamh Muffy Calder

    Is e saidheans a th’ ann an saidheans coimpiutaireachd, le laghan is prionnsapalan bunaiteach, agus ’s e innleadaireachd a th’ ann cuideachd, oir bidh sinn a’ cleachdadh nan laghan sin gus beachdan a dhearbhadh agus bathar-bog ùr a thogail. Is e rud math mu choimpiutachd gun urrainn dhut a dèanamh an àite sam bith; chan […]

    Read More
  • An t-Àrd-ollamh Niamh Nic Daéid

    Tha e na dhleastanas air luchd-saidheans foireansach fianais a thoirt seachad a tha dligheach gu saidheansail, gun chlaonadh agus neo-phàirteach ann an dòigh a bhios air innse dhan diùraidh agus a thuigeas iad. Ach, tha saidheans foireansach aig crois-rathaid, agus tha glè bheag de shaidheans dligheach aig bunait mòran den fhianais a tha a’ nochdadh […]

    Read More
  • An t-Àrd-ollamh Nicola Stanley-Wall

    San obair agam, bidh mi a’ sgrùdadh bacteria. Tha bacteria anns a h-uile àite, ach gu tric feumar microsgop gus am faicinn. Mar as trice is e ceallan singilte a th’ ann am bacteria a bhios a’ cruthachadh choimhearsnachdan sòisealta ris an canar biofilms. Nuair a tha iad beò ann am biofilm, bidh iad a’ […]

    Read More
  • An t-Àrd-ollamh Polly Arnold

    Bha mi a-riamh ag iarraidh rudeigin eadar-dhealaichte a dhèanamh. Nuair a bha mi na b’ òige, bha mi air mo shàrachadh gun robh an uimhir de rudan mu cheimigeachd a dh’fheumainn cuimhneachadh seach a bhith comasach air mìneachadh bho thuigse choitcheann air caractar nan eileamaidean. Nuair a bha mi a’ fàs suas, thug mi fa-near […]

    Read More
  • An t-Àrd-ollamh Raffaella Ocone

    Tha àireamh-sluaigh an t-saoghail a’ sìor dhol am meud agus mar sin thathar an dùil gun àrdaich an t-iarrtas airson lùths. Tha an obair agam ag amas air a bhith a’ cruthachadh theicneòlasan airson a bhith a’ cruthachadh lùth seasmhach agus glan air sgèile mhòr a tha comasach air iarrtas airson lùths a choileanadh agus […]

    Read More
  • An t-Àrd-ollamh Rona MacKie

    B’ e epidemio-eòlas agus gintinneachd mhoileciuileach melanoma aillseach am prìomh raon rannsachaidh agam. Anns na 22 bliadhna anns an robh mi sa Chathair, dh’fhàs e bho bhith na roinn bheag gu aonad fallain anns an robh Cathraiche stèidhichte, triùir àrd-òraidichean neo-chlionaigeach, aon àrd-òraidiche clionaigeach, òraidiche clionaigeach agus luchd-taic. Bha ceanglaichean fìor mhath againn ri ar […]

    Read More
  • An t-Àrd-ollamh Ruth King

    Tha an obair agam a’ gabhail a-steach measgachadh de dhiofar thaobhan: a’ togail mhodailean gus cunntas a thoirt air na pròiseasan a chruthaich an dàta; a’ cleachdadh diofar dhòighean coimpiutaireachd gus na modailean a chur a-steach dhan dàta; agus aig a’ cheann thall a’ mìneachadh nan toraidhean a gheibhear mar thoradh air mar a chaidh […]

    Read More
  • An t-Àrd-olamh Sharon Ashbrook

    A chionn’s gun robh rannsachadh a’ còrdadh rium, roghnaich mi dreuchd rannsachaidh iar-dhotaireil a ghabhail, agus an uair sin fhuair mi Caidreabh Rannsachaidh Dorothy Hodgkin bhon Chomann Rìoghail, a bh’ agam ann an Cambridge an toiseach mus tàinig mi a Chill Rìmhinn ann an 2009 agus fhuair mi àrdachadh gu bhith nam Leughadair ann an […]

    Read More
  • An t-Àrd-ollamh Sheila Rowan

    Bha mi airson a bhith nam neach-saidheans, gu sònraichte nam eòlaiche fiosaigs agus gu sònraichte airson a bhith a’ coimhead air a’ chosmos, bho bha mi gu òg – mu dheich bliadhna a dh’aois. Bha mi air mo bheò-ghlacadh leis na ceistean sìmplidh a thig am bàrr nuair a choimheadas sinn suas air na speuran […]

    Read More