An t-Àrd-ollamh Dame Anna Dominiczak

DBE, MD, FRCP, FAHA, FRSE, FMedSci

Stiùiriche Lighthouse Laboratories, Àrd-ollamh Regius ann an Leigheas, Institiud nan Saidheansan Cridh-shoitheach is Meidigeach, Oilthigh Ghlaschu

Professor Dame Anna Dominiczak
Anna le stethoscope, innealan meadaigeach fuaimneach a tha air a cleachdadh gus èisteachd ri fuaimean sgamhain is cridhe. Bidh oileanaich meidigeach agus dotairean òga a’ caitheamh an stethoscopean timcheall an amhaich le pròis.

Airson ùr-ghnàthachas cruth-atharrachail ann an cungaidh-leigheis agus slàinte a’ phobaill, feumaidh co-obrachadh a bhith ann eadar an NHS, an saoghal acadaimigeach agus gnìomhachas.

An t-Àrd-ollamh Dame Anna Dominiczak

Tha mi nam Neach-saidheans Clionaigeach – nam neach-saidheans agus nam dhotair. Mar oileanach meidigeach san treas bliadhna ann an Gdansk, cho-dhùin mi gun robh mi airson a bhith nam dhotair ach gun robh mi cuideachd airson rudeigin ùr a thoirt a-steach gu dotaireachd agus mar sin a bhith ag ionnsachadh a bhith nam neach-saidheans agus nam neach-clionaigeach aig an aon àm. ’S ann a tha seo na mheasgachadh cudromach oir tha mi a’ creidsinn gun urrainn dha cuideachadh a thoirt do, agus cruth-atharrachadh a thoirt air a’ chinne-daonna. Tha seo air leth cudromach oir aig a’ cheann thall, ’s e an obair aig dotairean agus luchd-saidheans a bhith a’ cuideachadh dhaoine agus mar a chuireas sinn an dà rud còmhla, dh’fhaodamaid a bhith nas èifeachdaiche buileach.

Is e leigheas fìor-mhionaideach an raon eòlais a th’ agam. Bidh seo a’ cleachdadh dàta slàinte dealanach a bharrachd air rèidio-eòlas didseatach, galar-eòlas didseatach, agus ar gineoman òrdachadh le teicneòlas an ath-ghinealaich, a bharrachd air dòighean moileciuileach eile gus euslaintich a sheòrsachadh; agus tha seo ag atharrachadh mar a bhios sinn a’ lorg, a’ làimhseachadh agus a’ cur casg air galaran – gu sònraichte galaran leantainneach agus aig a’ cheann thall sàbhalaidh seo airgead dhan NHS ann an Alba.

Tha Alba air a meas mar àite le sàr-mhathas ann an leigheas le mionaideachd agus tha i aig cridhe ùr-ghnàthachadh saidheansail bith-mheidigeach. Tha na ceanglaichean againn leis a’ Chomhairle Rannsachaidh Meidigeach agus Innovate UK a’ cuideachadh le bhith a’ toirt a’ chuid as fheàrr de dh’ùr-ghnàthachadh gu àrd-ùrlar nàiseanta is eadar-nàiseanta. Tha cothrom air leth aig Alba a bhith air thoiseach air càch san t-saoghal ann an cungaidh-leighis le mionaideachd agus tha mi a’ coimhead air adhart ris an latha nuair a bhios an dòigh-obrach seo dìreach ga mheas mar ‘leigheas’.

  • Is e Eòlaiche-gintinneachd Daonna a th’ annam ach cha do thachair dad nam bheatha a bheireadh ort smaoineachadh gur e an sin an cùrsa-obrach a bhiodh agam. Tha an t-slighe agam gu far a bheil mi an-dràsta na mheasgachadh de dhiofar thachartasan: cuid mar thaghadh agus cuid mar thuairmse.

  • Is e Ceimigear Sinteataig a th’ annam agus, san fharsaingeachd, faodar mo mhìneachadh mar ailtire moileciuileach. Tha an rannsachadh againn a’ cuimseachadh air innealan ùra a chuireas an comas a bhith a’ cruthachadh mhoileciuilean feumail, a tha buntainneach dhan ghnìomhachas cungaidh-leigheis agus, mar sin, a bheir buaidh dhìreach air a’ chomann-shòisealta.

  • Ged a bha ùidh agam riamh ann an saidheans san sgoil air ais ann an Liverpool, b’ e a’ chiad amas nam bheatha a bhith nam thidsear bun-sgoile. Chuir mi a-steach iarrtas gus seo a dhèanamh às dèidh a’ chiad cheum agam ann an Oxford, ach fhuair mi a-mach gun do chòrd am pròiseact rannsachaidh a rinn mi sa bhliadhna mu dheireadh agam mar fho-cheumanaiche rium gu mòr, agus mar sin dh’fhuirich mi gus mo DPhil a dhèanamh ann an Oxford.

  • Fhuair mi trèanadh mar Ion-dhìon-eòlaiche agus tha mi a’ creidsinn gur e a bhith a’ sabaid gabhaltachd tro na h-aon dhòighean no dòighean coltach ris na dòighean a chleachdas siostam ion-dhìon na bodhaig fhèin gus cur an aghaidh bacteria agus fungasan, aon de na fuasglaidhean dhan dùbhlan mhòr seo a thaobh galaran gabhaltach. Bha mi riamh air mo bheò-ghlacadh le bith-eòlas; mar a tha a’ bhodhaig ag obair an dà chuid gu fallain agus fo bhuaidh ghalairean. Bha gaol agam air eòlas-ion-dhìon bhon chiad òraid oilthigh agam, a dh’aindeoin (no is dòcha mar thoradh air?) cho fìor thoinnte is ro-chudromach ’s a tha an siostam ion-dhìon do ar cuid slàinte.

  • Aig an àm seo, tha mi a’ stiùireadh pròiseact mòr le taic bho Acadamaidh Rìoghail na h-Innleadaireachd agus bhon Chùmhnantaiche Innleadaireachd Chatharra, BAM Nuttall, gus teicneòlasan rannsachaidh a tha mi air a bhith a’ cruthachadh ann an Oilthigh Shrath Chluaidh a thoirt a-steach dhan ghnìomhachas innleadaireachd talmhainn.

  • Tha mi nam Neach-fiosaigs Stuthan Bog agus Bith-eòlasach, a tha a’ ciallachadh gu bheil mi a’ sgrùdadh rud sam bith a ghluaiseas nuair a bhrodas tu e.

  • Bha mi ag obair mar Mary Poppins dheugaireach air ‘dude ranch’ samhraidh ann an Texas agus bha mi draghail às dèidh greis gun rachadh m’ eanchainn na chàl. Chaidh mi dhan bhùth leabhraichean ionadail a lorg an leabhair a bu dùbhlanaiche agus b’ e sin Relativity: The Special and the General Theory le Albert Einstein. Chuireadh oidhcheannan seachad air an ràinse ag ath-dhèanamh nan co-aontaran, a’ feuchainn ris a h-uile rud obrachadh a-mach dhomh fhìn, agus mi a’ stèidheachadh bhunaitean airson mo bheatha san àm ri teachd a’ sgrùdadh na cruinne-cè gun fhiosta dhomh aig an àm.

  • Nuair a bha mi òg, b’ àbhaist dhomh a bhith a’ suidhe sìos a h-uile seachdain agus a’ coimhead air Star Trek leis a h-uile iPad, sganar bodhaig, banachdachdan gun snàthadan, conaltradh gun a bhith a’ cleachdadh do làmhan, fìorachd bhiortail, agus teleportairean, agus ’s e saoghal làn iongnaidh agus comais a bh’ ann. Tha e iongantach smaoineachadh gu bheil seo uile a-nis air tighinn gu bith, fiù ’s an teleporter!

  • ’S e mo mhiann as motha nach mise an aon bhoireannach air comataidh no air buidheann de luchd-labhairt tuilleadh mar a thachras cho tric aig an àm seo Tha fios agam nach mair seo gu bràth, agus mar sin tha mi a’ faighinn tlachd às fhad ’s as urrainn dhomh!

  • Tha mi nam Chorp-eòlaiche agus nam Dhaon-eòlaiche Foireansach. Le bhith a’ coimhead air iom-fhillteachd agus caochlaideachd bodhaig mhic an duine, faodaidh na diosaplainean agam cuideachadh le bhith a’ lorg fiosrachadh mu dhearbh-aithne an neach nuair a bha iad beò. Tha seo gu sònraichte cudromach airson rannsachaidhean poilis nuair a thèid corp a lorg, mar eisimpleir, agus nach eil fios cò an neach a chaochail

  • Tha mi nam acadaimigeach clionaigeach agus tha e na urram dhomh gum bi mi ag obair le euslaintich. Bheir seo cothrom dhomh tuigse fhaighinn air a’ bheò-eòlas agus an galar-eòlas a tha mar bhunait air suidheachaidhean slàinte a bheir buaidh air, suas ri aon às gach ceathrar bhoireannach.

  • Bha matamataig riamh a’ còrdadh rium, fiù ’s nuair a bha mi fìor òg. Chòrd e rium cho sìmplidh is cho fiosachail ’s a bha e, ach thàinig mi dhan tuigse gur e an rud a bha mi dha-rìribh ag iarraidh a dhèanamh a bhith a’ cleachdadh matamataig gus tuigse fhaighinn air rudan ann an nàdar.

  • Tha an rannsachadh agam a’ gabhail a-steach a bhith a’ leasachadh na dòigh-obrach surface-enhanced Raman Scattering (SERS) airson cleachdaidhean bith-anailis ioma-fhillte.

  • Tha ùidh nàdarra agam ann an eòlas, agus mar sin tha rannsachadh agus oilthigh nan dachaighean nàdarrach dhomh. Thàinig mi a dh’Alba ann an 1992 mar oileanach Erasmus ann an Oilthigh Shrath Chluaidh agus dh’fhuirich mi an seo gus mo PhD a dhèanamh mu bhith a’ leasachadh dhòighean ùra gus tuigse fhaighinn air plastaigeachd guail airson cleachdaidhean co-cheangailte ri dèanamh stàilinn.

    Às dèidh dhomh mo PhD a chrìochnachadh, ghabh mi dreuchdan acadaimigeach anns na SA agus san RA agus an uair sin, thill mi a dh’Alba agus chaidh mi a dh’obair aig Oilthigh Herriot Watt ann an 2012. Tha e na urram dhomh a bhith ag obair ann an raon a tha a’ còrdadh rium gu mòr agus cuideachd a chuidicheas ginealaichean ri teachd.

  • ’S e Eòlaiche Chungaidhean-leighis a th’ annam agus rinn mi Eòlas Chungaidhean-leighis ann an Oilthigh Dhùn Èideann, gach cuid airson mo BSc agus PhD. Bha ùidh agam riamh ann am bith-eòlas san sgoil, agus bha e inntinneach dhomh leughadh mu chungaidhean-leigheis agus mun uiread de dhrogaichean a thàinig bho lusan is bheathaichean.

  • Tha mi nam hàidro-eòlaiche àrainneachdail le BSc ann an Saidheansan Àrainneachdail. Rinn mi PhD ann an Hàidreo-cheimigeachd mu Thalamh Fliuch agus bhrosnaich seo an rannsachadh fad-ùine agam air cleachdadh fearainn agus truailleadh na h-àrainneachd, gu sònraichte a bhith a’ tuigsinn call naitridean is fosfaras bho thalamh àiteachais is mar a tha e a’ dol dhan uisge agus a’ tuigsinn na buaidh aig seo air càileachd fìor-uisge.

  • Bha gaol agam air saidheans bho aois òg. Chòrd e rium a bhith a’ dèanamh dheuchainnean, bha mi dèidheil air dùbhlain mhatamataigeach, chòrd e rium glan a bhith a’ fuasgladh cheistean. Bha mi fortanach gun robh tidsearan saidheans agus matamataig brosnachail agam agus pàrantan taiceil. Bhrosnaich iad uile mi gu bhith ag ionnsachadh mu cheimigeachd, fiosaig agus matamataig. Chòrd saidheans rium – mhothaich mi gun tàinig e thugam gu nàdarrach agus cha b’ e ruith ach leum dhomh a dhol an sàs ann an dreuchd ann an ceimigeachd.

  • Bha mi airson a bhith nam neach-saidheans cho fada ’s is cuimhne leam, agus chaidh mi dhan oilthigh gus ceum ann am Matamataig agus Fiosaigs a dhèanamh. Cha robh eòlas sam bith agam air coimpiutaireachd aig an àm sin, agus gu dearbha, thuirt tidsear san sgoil rium nach còrdadh coimpiutaireachd rium, ach rinn mi cùrsa ann am prògramadh san oilthigh agus chòrd e rium gu mòr! Fhuair mi a-mach gur e seo na bha mi airson dèanamh mar dhreuchd.

  • Rugadh mi ann an Dùn Dè agus thogadh mi ann an Èirinn ann an teaghlach de luchd-saidheans. Bha mo phàrantan nan luchd-saidheans a bha an sàs ann an sgrùdadh theintean. Bho aois òg, bha fios agam gum b’ urrainn boireannaich a bhith nan luchd-saidheans soirbheachail agus gum b’ urrainn saidheans a bhith air a chleachdadh mar inneal fìor-shaoghal, practaigeach, airson ceistean fhuasgladh agus gun gabhadh beò-shlàint a dhèanamh às cuideachd. Gu dearbha, b’ àbhaist dhomh is do mo bhràthair a bhith a’ cosnadh airgead pòcaid le bhith a’ cur dhealbhan de làraichean-teine a-steach do na h-aithisgean a dhèanadh ar pàrantan – bha seo fada mus robh dealbhan didseatach ann! A-nis, tha mi nam acadaimigeach agus nam Neach-saidheans Foireansach a’ dèanamh obair-cùise ann an sgrùdaidhean teine, tachartasan ceannairc agus a thaobh dèanamh dhrogaichean mì-laghail.

  • Bidh mi a’ dèanamh mholacailean neo-àbhaisteach bho na meatailtean aig bonn clàr nan eileamaidean. Chan eil fios againn gu leòr mun bhannachadh aca, agus mar as annasaiche am moileciuil, ’s ann as fheàrr as urrainn dhuinn dùbhlan a thoirt do ro-bheachdan, agus cur ri ar tuigse air mar a tha iad ag obair. Tha seo cudromach leis gu bheil mòran mheatailtean nan eileamaidean ro-chudromach a thathar a’ cleachdadh ann am magnantan ann an cruinn-gaoithe agus tha cuid eile an làthair mar isotopan rèidio-beò nach eilear ag iarraidh ann an connadh niuclasach caithte.

  • Tha mi nam Innleadair a tha ag obair anns an t-saoghal acadaimigeach. Bu mhise a’ chiad bhoireannach a fhuair inbhe mar Àrd-ollamh ann an Innleadaireachd Cheimigeach ann an Alba, agus an dàrna boireannach san RA.

    Tha an rannsachadh agam a’ coimhead air dealbhadh agus obrachadh phròiseasan gnìomhachail, leithid giollachd ola.

  • Bha mi nam Àrd-ollamh ann an Craiceann-eòlas ann an Oilthigh Ghlaschu bho 1978 gu 2000, a’ chiad turas ann an eachdraidh 500 bliadhna an Oilthigh a chaidh boireannach a chur an dreuchd mar Chathraiche stèidhichte.

  • Tha mi nam neach-staitistig gnìomhach. Cruthaichidh mi dòighean-obrach ùra airson mion-sgrùdadh a dhèanamh air diofar sheòrsaichean dàta, gu sònraichte ann an raointean eag-eòlas, eòlas ghalaran-sgaoilte agus, bho chionn ghoirid, ann an cleachdadh meidigeach.

  • Tha mi nam Neach-fiosaigs Deuchainneach. Nì mi rannsachadh a tha a’ dealbhadh agus a’ togail ionnstramaidean airson amharc-lannan a lorg nan ciad chomharran grabhatach bho ‘thuill dhubha’ a tha a’ bualadh ri chèile fada a-mach sa chomsos againn.
    Bidh na ‘tonnan grabhatach’ sin a’ giùlan fiosrachadh mu na nithean a chruthaich iad, a’ toirt cothrom dhuinn sgrùdadh a dhèanamh air pròiseasan dorcha anns a’ chruinne-cè.

  • Bha ùidh agam riamh ann am bith-eòlas. Bu mhise an nighean sin a fhuair sgeith-losgainn a-mach às an lòn agus a choimhead na ceann-phollanan a’ fàs nan losgannan; agus bu mhise an nighean a bha ag obair aig a’ phàirc dhùthchail ionadail a’ coimhead air mar a bhiodh craobhan gam briseadh sìos le obair nam fungasan. Chaidh mi gu Oilthigh East Anglia agus mi a’ smaoineachadh gun robh mi airson Eag-eòlas a dhèanamh ach fhad ’s a bha mi ann, thuig mi gu bheil ùidh nas motha agam ann am mion-fhiosrachadh nas toinnte air mar a tha bith-eòlas ag obair agus aig a cheann thall, bha mi nam eòlaiche ann am micreo-bhith-eòlas.